Advertisement · 728 × 90
#
Hashtag
#BallCoise
Advertisement · 728 × 90
Original post on mastodon.scot


Tha Raith Rovers air Cupa Dùbhlan na h-Alba a ghlèidheadh airson a' 4mh turais 🏆
Fhuair Cameron agus Easton 2 thadhal an urra. Thàinig Caledonian Thistle air ais co-ionnan sa chiad leth ach bha Raith Rovers nas làidire san 2a gun teagamh.
Tha mi gu math measail air an fharpais-se agus bha an […]

0 0 0 0


Easton a-rithist le tadhal bòidheach do Raith Rovers. Às dèidh mearachd bho chluicheadair-dìon ICT ghlèidh e am ball aig oir a' bhogsa agus chluich e math gus an tadhal fhaighinn.
Bidh e duilich airson ICT a-nis tighinn air ais.

70' RAI 4-1 ICT

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Tadhal eile do Raith Rovers le Easton an trup-sa.

60' RAI 3-1 ICT

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Chaidh Raith Rovers air thoiseach a-rithist às dèidh saor-bhreab aig oir a' bhogsa, agus airson an 2a turais 'se Cameron a chuir a-staigh e.

54' RAI 2-1 ICT

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Tha Raith Rovers agus Caledonian Thistle Inbhir Nis co-ionnan aig leth-ùine ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba.

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Fhuair ICT saor-bhreab ann an àite gealltanach dìreach taobh a-muigh a' bhogsa agus chuir Stewart am ball dhan lìon gu sgiobalta.

37' RAI 1-1 ICT

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Ghlèidh Cameron (RAI) am ball sa bhogsa agus chuir e a-steach e gu cuimseach. Cha robh coltas ro mhath air cluicheadairean-dìon agus fear-glèidhidh ICT an sin.

29' RAI 1-0 ICT

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0
Original post on mastodon.scot


Chan eil mi a' tuigsinn ciamar a thug an rèitire cead dhan dà sgioba lèintean cho coltach a chleachdadh sa ghèam. Tha iad gorm, briogais gorm, stocainnean gorm, agus àireamhan geala orra. Tha mi a' faicinn gu bheil stiallan dearga air broilleach lèine ICT, ach chan fhaicear iad bhon chùlaibh […]

0 0 1 0
Preview
BBC ALBA - SPFL Challenge Cup, 2025/26 Season, Final - Raith Rovers v Inverness Caledonian Thistle Join Micheal Steele for the KDM Evolution Trophy final live from Firhill in Glasgow.


Cuairt dheireannach Cupa Dùbhlan na h-Alba eadar Raith Rovers agus Caledonian Thistle Inbhir Nis aig pàirce Firhill. Tha an gèam beò air BBCAlba an-dràsta.
https://www.bbc.co.uk/programmes/m002ttqf

#BallCoise #Gaidhlig

0 0 1 0
Original post on mastodon.scot


Tha sgioba ball-coise na h-Alba a' cluiche Côte d'Ivoire ann an Liverpool an-diugh. Thèid an gèam a chraoladh beò air BBCTwo agus BBC Scotland. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air na sgiobaidhean air làrach-lìn UEFA […]

0 0 0 0
Original post on mastodon.scot


Às dèidh trì mionaidean de dh'ùine a bharrachd tha an gèam seachad. Cha robh mi ro mhì-thoilichte le dòigh-chluiche agus spionnadh sgioba na h-Alba sa mhòr chuid ach feumaidh iad brath a ghabhail air na cothroman a gheibh iad! Bha sgioba Iapan nas làidire le barrachd chothroman agus tha iad […]

0 0 0 0


Fhuair Ito a' chiad tadhal anns a' ghèam. Fìor dheagh phas le Shiogai agus deagh bhreab a dh'fhàg cùisean duilich do Gunn.

84' 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 0-1 🇯🇵

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Bha deagh chothrom aig Alba san 8mh mionaid agus tha e do-chreidsinneach 's nach deach am ball thairis air an loidhne, ach tha coltas nas làidire air Iapan sa chiad leth.

Leth-ùine 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 0-0 🇯🇵

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0
Original post on mastodon.scot


Chuala mi deasbad air lèintean ùra sgioba na h-Alba air #BBCRnG Feasgar an t-seachdain-sa agus tha mi a' tuigsinn a-nis dè bha iad a' ciallachadh. Chanainn gu bheil dath agus stoidhle nan lèintean uamhasach seann-fhasanta, 60an no 70an, ach dhomhsa 's e dath na briogais a mhilleas an strip […]

0 1 1 0
Original post on mastodon.scot


Tha sgioba ball-coise na h-Alba agus Iapan a' coinneachadh airson gèam càirdeil aig pàirce Hampden an-diugh. Sin an ceathramh gèam eadar an dà sgioba agus thuige seo chan eil Alba air gin dhiubh a bhuinnig.
Tha an gèam ga chraoladh beò air BBCOne (Alba) agus gheibhear barrachd fiosrachaidh air […]

0 0 1 0
Original post on mastodon.scot


Às dèidh a bhith 2 thadhal air dheireadh sa chiad leth uair a thìde chuir Montròis 5 gun fhreagairt thairis air an dà leth. Fhuair Alloa 2 thadhal air ais agus 's dòcha gun robh iad airidh air puing aig an deireadh ach bha am beàrn de 3 thadhail dìreach ro mhòr.
'S e gèam math, tarraingeach a […]

0 0 0 0


Rinn Alloa an dìcheall gus faighinn co-ionnann aig an deireadh ach cha deach aca air tadhal eile fhaighinn agus 's ann ann am Montròis a dh'fhuiricheas na trì puingean.

Làn-ùine 🔵 MON 5-4 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Mearachd uamhasach bho fhear-glèidhidh Mhontròis, agus tha Alloa a' fàighinn nas fhaisge. Hattrick do Burnside

84' 🔵 MON 5-4 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Tha Alloa fhathast beò agus tha iad air tadhal fhaighinn air ais. Ro fhurasta do Donelly.

80' 🔵 MON 5-3 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Chan eil Montròis riaraichte fhathast. Chuir Loudon tadhal brèagha do Mhontròis. Cha robh an loidhne-dìon a' coimhead ro mhath ge-tà

78' 🔵 MON 5-2 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Tha na tadhail a' frasadh a-steach airson Mhontròis a-nis agus dà dhiubh ann am mionaid le Lyons agus Sandilands! Tha Montròis air an gèam a thionndadh mun cuairt.

69' 🔵 MON 4-2 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Tha Montròis fhathast a' coimhead nas fheàrr dhomhsa às dèidh cairteal na h-uaireach dhen 2a leth.

61' 🔵 MON 2-2 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Tha Montròis agus Alloa air dà thadhal an urra aig leth-ùine. Thòisich Alloa nas fheàrr agus chuir Burnside tadhal le gach cas, ach thill Montròis a dh'fhaighinn co-ionnan anns na mionaidean mu dheireadh. An-dràsta fhèin, 's ann orrasan a tha coltas nas làideire.

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Saor-bhreab do Mhontròis ann an àite gealltanach, agus fear eile aig oir a' bhogsa.
Cha deach am ball a-staigh gu dìreach, ach tha Freeman air an 2a tadhal fhaighinn agus tha Montròis co-ionnan aig leth-ùine.

45+2' 🔵 MON 2-2 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Dìreach às dèidh sin tha Sunderland air tadhal fhaighinn airson Mhontròis.

40' 🔵 MON 1-2 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Bha tadhal Alloa fosgailte, ach cha deach aig Montròis air am ball a chur dhan lìon, chaidh e os cionn an tadhail. Fìor chothrom a bha sin.

38' 🔵 MON 0-2 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Seo an 2a tadhal do dh'Alloa, Burnside a-rithist leis a' chas dheis an trup-sa.

27' 🔵 MON 0-2 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

1 0 1 0


Chuir Burnside Alloa air thoiseach.

19' 🔵 MON 0-1 ALL 🐝

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0


Bha a' ghrian ìseil na trioblaid do loidhne-dìon Alloa an toiseach ach th a' phàirce gu lèir fo sgàil a-nis a-rèir choltais.

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0
Preview
BBC ALBA - SPFL, 2025/26 Season, Montrose v Alloa Athletic Live football action from League 1 as Montrose host Alloa Athletic.


Tha Montròis a' cluiche an aghaidh Alloa a-nis ann an lìog a h-aon.
Tha an gèam beò air #BBCALBA
https://www.bbc.co.uk/programmes/m002swc2

#BallCoise #Gàidhlig

0 0 1 0